/** * https://gist.github.com/samthor/64b114e4a4f539915a95b91ffd340acc */ (function() { var check = document.createElement('script'); if (!('noModule' in check) && 'onbeforeload' in check) { var = false; document.addEventListener('beforeload', function(e) { if (e.target === check) { = true; } else if (!e.target.hasAttribute('nomodule') || !) { return; } e.preventDefault(); }, true); check.type = 'module'; check.src = '.'; document.head.appendChild(check); check.remove(); } }());

Trì duaisean do Mhaoir-chladaich Steòrnabhaigh

Criutha Rescue 948 a' faighinn duaisTùs an deilbh, Buidheann na Mara agus nam Maor-Cladaich
Fo-thiotal an deilbh,

Iain Carrigan, Chris Whittington, Nam MacLeòid agus Mìcheal Hennelly comhla ri Ceann-suidhe Chomann nam Maraichean ann an Èiginn iral Sir George Zambellas

  • Air fhoillseachadh

Chaidh trì duaisean mòra a bhuileachadh air criutha heileacoptair nam Maor-cladaich ann an Steòrnabhagh air an aon oidhche.

Chaidh aithne a thoirt do ghaisgeachd Iain Carrigan, Chris Whittington, Tormod 'Nam' MacLeòid and Mìcheal Hennelly airson cobhair a dhèanamh air dithis iasgairean Spàinneach an-uiridh.

Fhuair an ceathrar Moladh Criutha bho Chomann nam Maraichean an Èiginn aig cuirm ann an Lunnainn air 1mh den Dàmhair agus, aig cuirm air an aon oidhche, chaidh duais Brave@Heart Riaghaltas na h-Alba a bhuileachadh orra aig tachartas ann an Dùn Èideann.

Fhuair an Neach-eiridinn, Nam MacLeòid, Duais Naoimh Anndra airson a chuid ghaisgeachd air oidhche na h-iomairt cobhair.

Criutha Rescue 984Tùs an deilbh, Buidheann na Mara agus nam Maor-Cladaich
Fo-thiotal an deilbh,

Criutha Rescue 984

Chaidh an criutha a ghairm a-mach air 29mh den t-Samhain 2023 an dèidh tubaist air bòrd a' bhàta-iasgaich Spàinnich, an Lodario.

Bha an criutha ann taobh a-staigh uair de thìde agus, ged a bha fìor dhroch aimsir ann agus muir mòr, chaidh aca air Nam a chur sìos chun a' bhàta.

Thuirt Nam gur e an suidheachadh a bu dùbhlanaiche ris an robh aige ri dèiligeadh bho thòisich e na neach-eiridinn bho chionn 30 bliadhna.

Bha aon iasgair air fhìor dhroch leòn mu a chasan agus bha casan fear eile glacte ann an uidheamachd iasgaich an t-soithich agus bha esan cuideachd air a ghoirteachadh gu dona.

"Airson beagan dhiogan bha e doirbh a h-uile càil a thoirt a-steach agus fios a bhith agam dè dhèanainn an toiseach," thuirt Nam.

"Gu fortanach cha do mhair sin. Chuir mi seachad uair de thìde air a' bhàta agus b' e an uair de thìde a bu luaithe de mo bheatha!"

Chaidh aca air an dithis Spàinneach a shlaodadh suas dhan heileacoptair agus a thoirt don ospadal ann an Steòrnabhagh.

Heileacoptair nam Maor-cladaichTùs an deilbh, ANDY COWX

Rinn Àrd-Oifigear Buidheann na Mara agus nam Maor-Cladaich, Virginia McVea, moladh air criutha Rescue 948.

Thuirt i: "Tha sinn air leth moiteil à obair ar co-obraichean agus an cuid proifeasantachd nuair a tha iad a' sàbhaladh bheathannan aig muir agus air tìr.

"Tha sinn gu sònraichte toilichte a' faicinn mar a tha spèis ga thoirt dhaibh le duaisean cho cudromach.

"Meal a naidheachd air criutha Rescue 948 agus taing mhòr dhuibh!"