Dithis san ospadal an dèidh tubaist a dhùin an A87 san Eilean Sgitheanach

- Air fhoillseachadh
Dhearbh na Poilis gun deach dithis a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis an dèidh tubaiste air rathad an A87 eadar Port Rìgh agus Borbh feasgar Diciadain.
Thachair an tubaist eadar dà charbad aig mu 5:20f.
Bha gach slighe den rathad dùinte aig a' cheann-rathaid leis an A850 airson cha mhòr dà uair de thìde.