/** * https://gist.github.com/samthor/64b114e4a4f539915a95b91ffd340acc */ (function() { var check = document.createElement('script'); if (!('noModule' in check) && 'onbeforeload' in check) { var = false; document.addEventListener('beforeload', function(e) { if (e.target === check) { = true; } else if (!e.target.hasAttribute('nomodule') || !) { return; } e.preventDefault(); }, true); check.type = 'module'; check.src = '.'; document.head.appendChild(check); check.remove(); } }());

Fear-sreap air a dhroch leòn an dèidh tuiteam sa Chuiltheann

Luchd-teasairginn an Eilein Sgitheanaich a' dèanamh cobhair air fear-sreapTùs an deilbh, SGIOBA-TEASAIRGINN AN EILEIN SGITHEANAICH
Fo-thiotal an deilbh,

Thugadh am fear a chaidh a leòn sios a' bheinn beagan mus deach a sgèith a dh'ospadal

  • Air fhoillseachadh

Rinneadh cobhair air fear a bha a' sreap sa Chuiltheann agus a thuit 15 meatairean Dimàirt.

Chaidh an duine a dhroch leòn san tubaist air druim an iar-thuath de Sgùrr nan Eag.

Thug heileacoptair nam maor-cladaich deichnear bho Sgioba-teasairginn nam Beann san Eilean Sgitheanach pàirt den t-slighe suas a' bheinn, mas do lean iad orra air chois gu far an robh an sreapadair.

Chaidh a sgèith a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis ach chaidh leigeil leis falbh on uair sin.

Tha an sgioba-teasairginn ag ràdh gun deach an gairm a-mach 20 turas sa Chèitean.