Leasachadh air FtMG san amharc aig Ceit Fhoirbeis
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear gu bheil i airson is gum bi an "aon chothrom aig a h-uile sgoilear ann an Alba airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig".
Bha Ceit Fhoirbeis a' bruidhinn ri BBC Naidheachdan is i a' tadhal air làrach Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn air taobh sear Ghlaschu Dimàirt.
Tha Bile nan Cànanan Albannach an-dràsta aig ìre 3 aig Holyrood.