/** * https://gist.github.com/samthor/64b114e4a4f539915a95b91ffd340acc */ (function() { var check = document.createElement('script'); if (!('noModule' in check) && 'onbeforeload' in check) { var = false; document.addEventListener('beforeload', function(e) { if (e.target === check) { = true; } else if (!e.target.hasAttribute('nomodule') || !) { return; } e.preventDefault(); }, true); check.type = 'module'; check.src = '.'; document.head.appendChild(check); check.remove(); } }());

A&E Steòrnabhaigh an ìmpis fosgladh às ùr

Chuir manaidsear Cùram Èiginneach an ospadail, Janette Mhoireach (clì) fàilte air Peigi NicLeòid (na seasamh) agus Anna NicLeòid (na suidhe) a bha roimhe nan nursaichean, is iad a' toirt sùil air na goireasan ùra
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir manaidsear Cùram Èiginneach an ospadail, Janette Mhoireach fàilte air Peigi NicLeòid (na seasamh) agus Anna NicLeòid (na suidhe) a bha roimhe nan nursaichean, is iad a' toirt sùil air na goireasan ùra

  • Air fhoillseachadh

Fosglaidh ionad A&E Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh a-rithist Diciadain an 4mh den Ògmhios.

Chaidh £1m a chosg air ath-sgeadachadh an ionaid, le uidheamachd ùr ga cur an sàs cuideachd.

Thòisich an obair sa Ghearran agus anns na 13 seachdainean mu dheireadh chaidh siostam analachaidh ùr a chur ann, le trì seòmraichean do dh'euslàintich a tha ann am fìor èiginn a-nis seach aon mar a bh' ann roimhe.

Thuirt Gòrdan Jamieson, Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, gun robh e soilleir dhaibh gun robh na leasachaidhean a dhìth agus gun robh iad air an dòigh glan leis na goireasan ùra.

Ospadal nan Eilean

Tha fàs anns na tha de luchd-turais a tha a' tighinn a Leòdhas agus na Hearadh agus mar a tha busaichean dà-ùrlair gan cleachdadh san eilean am measg nan adbharan gun robh feum air goireasan ùra.

Sheall tubaist air bòrd a' bhàta-iasgaich Spàinnich, an Lodario, cuideachd gun robh barrachd air aon seòmar ath-dhùsgaidh a dhìth san Ospadal.

Bha aon iasgair air fhìor dhroch leòn mu a chasan agus bha casan fear eile glacte ann an uidheamachd iasgaich an t-soithich agus bha esan cuideachd air a ghoirteachadh gu dona.

Thachair seo far chosta Leòdhais ann an 2023 agus b' fheudar cobhair èiginneach a thoirt dhaibh ann an Steòrnabhagh is ospadalan tìr-mòr ro fhada air falbh airson a bhith sàbhailte an dithis a ghluasad.

Ospadal nan Eilean

Tha Manaidsear an Ionaid Èiginn, Susan NicAmhlaigh, air a bhith ag obair ann fad 27 bliadhna.

"'S urrainn dhomh a ràdh gur e seo an t-atharrachadh a bu adhartaiche a chunnaic mi.

"Cha mhòr gun gabh an goireas ùr aithneachadh, le àrainn chlionaigeach ùr ann agus àitichean na 's fheàrr airson cobhair a dhèanamh air euslaintich leis an uidheamhachd agus an teicneòlas as ùire."

Tha an siostam analachaidh ùr comasach air aidhear am broinn an ionaid ùrachadh 10 tursan gach uair a thìde.

Tha dà sheòmar do dh'euslaintich a th' ann am fìor dhroch staid gu bhith ann fad na h-ùine, le seòmar eile a ghabhas cleachdadh airson sin no mar dhà sheòmar-leigheis àbhaisteach a rèir feumalachdan an luchd-obrach.

Ospadal nan Eilean