/** * https://gist.github.com/samthor/64b114e4a4f539915a95b91ffd340acc */ (function() { var check = document.createElement('script'); if (!('noModule' in check) && 'onbeforeload' in check) { var = false; document.addEventListener('beforeload', function(e) { if (e.target === check) { = true; } else if (!e.target.hasAttribute('nomodule') || !) { return; } e.preventDefault(); }, true); check.type = 'module'; check.src = '.'; document.head.appendChild(check); check.remove(); } }());

Naidheachdan 11:00m

Droch-dhìol chloinne

Tha aonad nàiseanta Poileas Alba air droch-dhìol chloinne ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh rannsachaidh air cha mhòr 700 cùis a h-uile bliadhna. Tha iad ag ràdh, bhon phandemic, gun tèid aig daoine a bhiodh airson a bhith ri droch-dhìol chloinne ri conaltradh a thòiseachdainn taobh a staigh leth mhionaid le cloinn air-loidhne tro na meadhanan-sòisealta air neo agus seirbheisean sruthaidh.

Seirbheisean slàinte

Tha Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba ag ràdh gu feum cruth-atharrachadh a thoirt air siostam slàinte na dùthcha feuch piseach a thoirt air seirbheisean. Thug iad rabhadh seachad gu bheil dòighean riaghalaidh is planaidh na seirbheis slàinte a' sìor fhàs nas toinnte, 's gu bheil bacadh mòr air bùird-slàinte na dùthcha nuair a thig e gu atharrachaidhean. Thuirt ministearan an Riaghaltais Albannaich gu bheil iad air frèam-obrach ùr fhoillseachadh cheanna airson planaidh, agus gu bheil iad an dùil ro-innleachd ùr nàiseanta fhoillseachadh ro dheireadh na bliadhna.

Gàsa

Tha na Dùthchannan Aonaichte ag ràdh gun deach 47 daoine a ghoirteachadh ann an Gàsa fhad 's a bha cobhair ga thoirt seachad le buidheann a tha a' faighinn taic Israel is nan Stàitean Aonaichte. Tha iad den bharail gun do dh'fhuiling cuid lobhtan ghunnaichean a chaidh a losgadh le na feachdan Israelach. B' e seo a' chiad uair a thug Bunait Daonnachdail Ghàsa stuth bìdh seachad san sgìre, ach tha an UN air rabhadh a thoirt seachad nach eil iad a' leantainn phrionnsabalan daonnachdail.

Meatairean ro-phàighte

Tha Riaghladair a' Chumhachd Ofgem air innse gum faigh na mìlltean dhaoine air an deach meatairean ro-phàighte a sparradh airgead-dìolaidh air no thèid cur às do na fiachan aca. Ma dh'fhaoidhte gum faigh cuid a tha airidh air airgead-dìolaidh luach suas ri £1,000 air a shàilleibh.

Tubaist-rathaid

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh neach-coiseachd a ghoirteachadh ann an tubaist-rathaid air an A82. Thachair an tubaist eadar boireannach, a tha 58 bliadhna a dh'aois, agus càr aig mu 12:15f an-dè ann an Tòrr Lunndaidh faisg air a' Ghearasdan. Chaidh am boireannach a thoirt don ospadal agus i air a droch ghoirteachadh.

Seirbheisean fòn-làimhe

Chaidh ùrachadh a thoirt air crainn fònaichean làimhe gus piseach a thoirt air an t-seòrsa siognail a tha ri fhaighinn ann an cuid de sgìrean dùthchail na h-Alba. Chaidh ùrachadh a thoirt air 13 dhuibh mar phàirt de sgeama Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ann an sgìrean an leithid nan Crìochan, Gall-Ghàidhealaibh, an Earra-Ghàidheal is Bòd is cuideachd an Ceann a Deas Loch Abair.