/** * https://gist.github.com/samthor/64b114e4a4f539915a95b91ffd340acc */ (function() { var check = document.createElement('script'); if (!('noModule' in check) && 'onbeforeload' in check) { var = false; document.addEventListener('beforeload', function(e) { if (e.target === check) { = true; } else if (!e.target.hasAttribute('nomodule') || !) { return; } e.preventDefault(); }, true); check.type = 'module'; check.src = '.'; document.head.appendChild(check); check.remove(); } }());

Naidheachdan 11:00m

Liverpool

Thuirt am Prìomhaire gu bheil an dùthaich gu lèir a' seasamh cuide ri Liverpool às dèidh mar a chaidh cha mhòr 50 duine a ghoirteachadh aig pairèid ball-coise sa bhaile an-dè. Tha ceathrar fhathast gu math ìosal san ospadal, a rèir mèar a' bhaile Steve Rotheram. Tha fireannach geal aois 53 an grèm aig na poilis, 's thuirt iadsan nach eil iad an dùil gu bheil gnothach aig ceannarcas ri na thachair.

Sochairean chloinne

Dhearbh Rùnaire an Fhoghlaim aig Westminster, Bridget Phillipson, gu bheil an riaghaltas a' coimhead ri cur às don chuibhreachadh air sochairean chloinne. 'S iad na Tòraidhean a stèidhich an cuibhreachadh a tha a' cur bacaidh air pàrantan bho bhith a' sireadh shochairean 'son barrachd na dithis chloinne.

Gàsa

Tha sgeama-cobhair connspaideach, a tha a' faighinn taic Israel agus nan Stàitean Aonaichte, air tòiseachdainn air cobhair a thoirt seachad ann an Gàsa. Chan eil fhios gu dè na tha Bunait Daonnachdail Ghàsa air a thoirt seachad de chobhair thuige seo. Tha an UN agus buidhnean cobhair eile ge-tà a' cur an aghaidh an t-siostaìm ùir seo gus cobhair a thoirt seachad.

Buannachdan coimhearsnachd bho sgeamaichean uaine

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad a' coimhead ri mar as urrainnear barrachd shealbh a thoirt do choimhearsnachdan ann an sgeamaichean cumhachd ath-nuadhachail. Tha luchd-leasachaidh an-dràsta a' cur airgid ri buannachdan coimhearsnachd len toil fhèin, agus iad a' toirt seachad airgid uaireanan do sgìrean a tha faisg air bun-structar ath-nuadhachail. Tha seo a' tighinn ge-tà agus Riaghaltas na h-Alba an dùil foillseachadh an-diugh fhathast mar a tha iadsan airson taic a chur ri pròiseactan cumhachd sa choimhearsnachd.

Seirbheis cùram san dachaigh an Cataibh

Bha euslaintich so-leònta air fhàgail ann an cunnart air tàilleibh fàiligidhean mòra san t-seirbheis Cùram san Dachaigh aig Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd an Cataibh. Sin a rèir Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim, a th'air barrachd fiosrachaidh fhoillseachadh mun sgrùdadh mu dheireadh a rinn iad air an t-seirbheis. Thuirt iad gun robh luchd-cùraim air am faicinn a' toirt dhrugaichean do dh'euslaintich san dòigh cheàrr, cion luchd-obrach ann agus rotathan nach b' urrainn obrachadh. Thuirt Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil iadsan ag obair gu sgiobalta feuch piseach a thoirt air an t-suideachadh.

Ìrean atmhorachd

Tha ìrean atmhorachd a thaobh bìdh air èirigh airson a' cheathramh mìos sreath a chèile agus iad a-niste aig 2.8% nas àirde na bha iad bho chionn bliadhna. Tha figearan bho Chomann Luchd-reic Bhreatainn cuideachd ag ràdh ge-tà gun tàinig lùghdachadh air prìsean sna bùthan san fharsaingeachd air a' mhìos seo, 9.1% nas ìsle an taca ris an aon àm an-uiridh.